Mo Leabhar-lin fhein

Sunday, December 04, 2005

Gaidhlig ri cluinntinn

Carson nach tionail sinn ri cheile ann an aon aite air neo ann an iomadh aiteachan gu dearbh liosta de larach-lin far an urrainn dhut a' Ghaidhlig a chluinntinn?
Agus caite anns an t-saoghal am faigh thu programan Gaidhlig? Bu choir dha cuid a bhith ann...
Uill tha fios ann mu dheidhinn Reidio Nan Gaidheil. Ach ged a shiubhalas mi troimh Alba bho am gu am cha chluinninn moran Gaidhlig eadhan air tuinn nan adhair is eadhan air an tricead ceart. Chan 'eil iad a' craoladh 'sa Ghaidhlig lan-thide eadhan air an eadar-lin ann an Alba fhein.
Tha mise ga craobh-sgaoileadh aig 92.3 fm ann am Melbourne agus tha e a' dol air an eadar-lin agus faodaidh sibh a cluinntinn aig am sam bith. Direach rachaibh gu www.3zzz.com.au agus tagaibh Scottish Gaelic aig a' chlar-bhith. Ma a tha sibh ag iarraidh beachdan a thoirt dhomh no rudeigin araidh a dhol ri adhar direach sgriobhaibh thugam aig SeonaidhMacFhraing@optusnet.com.au agus ni mi mo dhichioll a chur air a' phrogram air bhur son.
Nas motha as deidh laimhe,
Seonaidh

3 Comments:

At 3:49 PM, Blogger mona said...

feasgar math! sgoinneil, blog gàidhlig eile :-) cùm ort, tha seo glè mhath. am faca tu gu bheil mòran blogaichean gàidhlig eile ann?
dùrachdan às a' ghearmailt.
mona

 
At 7:55 AM, Blogger Flùr said...

Halò a Sheonaidh!
Tha am blog agaibh math gun teagamh, agus tha mi an dòchas gun leugh sinn mòran rudan eile inntinneach air ur blog a dh' aithghearr! :-)

 
At 3:13 PM, Blogger Graisg said...

Feasgar math Sheonaidh! Blog Gàidhlig Astràilianach, sin thu fhèin. Am faca tu www.tirnamblog.com? Ma chuireas tu do bhlog a-steach san làrach ud bidh feadhainn de na blogadairean eile faighinn a-mach mu do dheidhinn. Chòrd e rium gu mòr a bhith gad leughadh agus tillidh mi gun teagamh dhan bhlog agad.
Nollaige chridheil agus bliadhna mhath ùr dhut nuair a thig e.

 

Post a Comment

<< Home