Mo Leabhar-lin fhein

Wednesday, December 28, 2005

Turas gu Sydney



Chaidh sinn le itealan gu Sydney air son laithean saora Nollaige am bliadhna. Bha sinn a' fuireach anns an fho-bhaile Ultimo direach faisg air Baile Sineach agus na Féiltean aig Padruig. Bha torr taigh-bidhean ri laimh agus bha móran ann ri fhaicinn, ri ceannach is ri dèanamh an siud is aig Taobh na h-Acarsaid (ann an Laimrig Feudaile), aig Na Creagan, aig a' Bhaile Mhór fhéin agus aig Taigh an Drama Liriceach. Shiubhail sinn air an Aon Réile agus rinn mi beagan streap creagan (rud eagalach a dhèanamh) a measg iomadh eile. Feuchaidh mi dealbhan a nochdadh dhuibh (ma is urrainn dhomh). Ah bha mi soirbheachail leis na dealbhan. Ma a tha sibh dealbhan eile fhaicinn is urrainn dhomh am foillseachadh. Thog mi iad leis a' chamara mheurach ghasda ùr a fhuair mi air son Nollaige. Anns an dealbh os ar ceann chi sibh an drochaid ainmeil agus anns an dealbh fon sin chi sibh Craobh Ard Na Nollaige taobh a staigh an togalach stàiteil QVB (An Aitreabh Aig A' Bhan-righ Bhiactoirea).

Bha móran sgeadachaidhean Nollaige eile mu thimcheall a' Bhaile. Chuala sinn coisirean a' seinn nan laoidhean Nollaige aig Ionadan Buitearachd is bha Laoidhean Nollaige le Solus Coinneala a ghabh aite an darna cuid ann am Melbourne is ann an Sydney air an nochdadh air taidhsearachd. Mu dheireadh chunnaic sinn a' Bhan-righ a' bruidhinn le teachdaireachd Nollaige.

Sunday, December 04, 2005

Gaidhlig ri cluinntinn

Carson nach tionail sinn ri cheile ann an aon aite air neo ann an iomadh aiteachan gu dearbh liosta de larach-lin far an urrainn dhut a' Ghaidhlig a chluinntinn?
Agus caite anns an t-saoghal am faigh thu programan Gaidhlig? Bu choir dha cuid a bhith ann...
Uill tha fios ann mu dheidhinn Reidio Nan Gaidheil. Ach ged a shiubhalas mi troimh Alba bho am gu am cha chluinninn moran Gaidhlig eadhan air tuinn nan adhair is eadhan air an tricead ceart. Chan 'eil iad a' craoladh 'sa Ghaidhlig lan-thide eadhan air an eadar-lin ann an Alba fhein.
Tha mise ga craobh-sgaoileadh aig 92.3 fm ann am Melbourne agus tha e a' dol air an eadar-lin agus faodaidh sibh a cluinntinn aig am sam bith. Direach rachaibh gu www.3zzz.com.au agus tagaibh Scottish Gaelic aig a' chlar-bhith. Ma a tha sibh ag iarraidh beachdan a thoirt dhomh no rudeigin araidh a dhol ri adhar direach sgriobhaibh thugam aig SeonaidhMacFhraing@optusnet.com.au agus ni mi mo dhichioll a chur air a' phrogram air bhur son.
Nas motha as deidh laimhe,
Seonaidh

Mo Dhana Teachdaireachd

Foillsicheadh Mo Dheilbhe

Cha robh e furasda idir, ach mu dheireadh thall, fhuair mi mo rathad timcheall gus an d'rinn mi an gnothach. Mar sin, b'urrainn dhuibh m'fhaicinn.
Feuchaidh mi nas motha nithean annasach a dheanamh leis an larach lin seo.

Mo chiad teagaireachd

Ciamar a tha sibh?
Tha mi ag iarraidh a bhruidhinn 'sa Ghaidhlig a mhain air an leabhar-lin seo.
'S a bharrachd air sin, 's dorcha nach bi stracan ann mo sgriobhainnean.
'S dorcha gum bi mearachdan litrichidh ann ta cuideachd.
Ma bhitheas, an gabh sibh mo leisgeul!
Bithidh mi a' cur nas moth suas bho am gu am.
Ach beannachd leibh an drasda.
Seonaidh